GitLab: Poileasaidh Foillseachaidh Cunntachail
- Conaltradh: security@gitlab.com
- Làrach-lìn: https://about.gitlab.com/disclosure/
- Dearbhte: 2017-09-21
Cuir post-d gu security@gitlab.com gus so-leòntachd tèarainteachd sam bith aithris. Aithnichidh sinn gun d’fhuair sinn d’ aithisg so-leòntachd an ath latha-obrach agus feuchaidh sinn ri naidheachdan cunbhalach a chur thugad mun adhartas againn. Ma tha thu fiosrach mu staid do fhoillseachaidh, faodaidh tu post-d a chur thugainn a-rithist. Ma tha thu airson do phost-d foillseachaidh a chrioptachadh, cuir post-d thugainn gus iarraidh airson an iuchair PGP againn.
Air neo faodaidh tu d’ aithisg a chur thugainn cuideachd tro HackerOne.
Na iarr airgead-dìolaidh airson so-leòntachdan aithris, mas e do thoil e. Ma tha thu ag iarraidh, aithnichidh sinn gu poblach do fhoillseachadh cunntachail. Bidh sinn cuideachd a’ feuchainn ris a’ chùis dhìomhair a dhèanamh poblach às dèidh dhan t-so-leòntachd a bhith air a chur an cèill, mar eisimpleir faic cùis feart an ìmpidh againn. Bidh HackerOne cuideachd a’ dèanamh nan aithisgean bhugaichean poblach an dèidh 30 latha mura bi gin dhen dà phàrtaidh a’ cur an aghaidh, mar eisimpleir faic an aithisg airson XSS maireannach air duilleag phròiseict phoblaich.
Chan eil cead agad so-leòntachdan a lorg air GitLab.com fhèin. ’S e bathar-bog le tùs fosgailte a th’ ann an GitLab, faodaidh tu lethbhreac a stàladh thu fhèin agus deuchainn a dhèanamh air. Faodaidh tu CE, EE, no an GitLab Development Kit a luchdadh a-nuas. Ma tha thu airson deuchainn a dhèanamh gun GitLab a shuidheachadh thu fhèin, cuir fios thugainn gus inntrigeadh gu frithealaiche staging a chur air dòigh.
Gheibh thu barrachd fiosrachaidh air mar a làimhsicheas sinn sgaoilidhean tèarainteachd an seo.
Air an làrach-lìn againn gheibh thu barrachd mu cho-ruigsinneachd agus tèarainteachd GitLab.com. Gabhaidh duilgheadasan tèarainteachd nach e so-leòntachdan a th’ annta fhaicinn air an tracaiche chùisean poblach againn.
Cùisean dìomhair
Nuair a lorgar so-leòntachd cruthaichidh sinn cùis dhìomhair gus a thracadh a-staigh. Thèid pàipearan-leasachaidh tèarainteachd a phutadh gu dev.gitlab.org, nach eil ruigsinneach gu poblach, agus an aonachadh sa mheur security. Cha bu chòir dhaibh nochdadh air GitLab.com gus am bi an sgaoileadh tèarainteachd air ainmeachadh agus pacaidean ùraichte ri fhaighinn.
Gheibhear mion-fhiosrachadh sa phròiseas sgaoilidh chriticeil againn.